Taught course

Bun-sgoil (tro mheadhan na Gàidhlig) PGDE

Institution
University of the Highlands and Islands · Arts, Humanities and Business
Qualifications
PGDE

Entry requirements

Leughaibh an duilleag FAQs airson barrachd fiosrachaidh mun phrògram.

  • Bu chòir ceum aig ìre fo-cheum a bhith agaibh. B’ fheàrr leinn ceum le urram aig 2:2 no na b’ àirde bhon a tha an teagasg air a’ phrògram aig ìre urram no ìre mhaighstireachd

  • Thèid sùil a thoirt air iarrtasan bho thagraichean aig nach eil ceum le urram ma thèid aca air dearbhadh gu bheil an comas aca a bhith ag obair aig an ìre acadaimigich seo. Feumaidh tagraichean lethbhreac den cheum aca a shealltainn mar dhearbhadh air comas a bhith ag obair aig ìre ceum le urram no ìre mhaighstireachd

A bharrachd air seo, feumaidh na leanas a bhith aig tagraichean:

Beurla:

  • Àrd-ìre (C no nas àirde), NO
  • Ìre A (D no nas àirde), NO
  • GCSE Cànan na Beurla (C/4 no nas àirde) agus Litreachas na Beurla (C/4 no nas àirde) no a leithid

Matamataig no Aplaiceadan Matamataig

  • Ìre Nàiseanta 5 (C no nas àirde), NO
  • SQA Eadar-mheadhan 2 (C no nas àirde) no An Ìre Choitcheann (Sàr Ìre) NO
  • GCSE Matamataig (C/4 no nas àirde) no a leithid

Tha sinn ag aithneachadh, leis mar a tha cùisean an-dràsta, gum bi e doirbh dhuibh obair no obair shaor-thoileach fhaighinn còmhla ri clann aig ìre bun-sgoile. Bu chòir dhan fhiosrachadh phearsanta agaibh agus ur teisteanas a bhith a’ mìneachadh gu soilleir mar a tha sibh air ullachadh a dhèanamh agus carson a tha sibh air tagradh a dhèanamh airson teagasg bun-sgoile ann am foghlam Gàidhlig.

Mar as trice thèid tachartasan taghaidh a chumail cha mhòr aig deireadh a’ Ghearrain no tràth sa Mhàrt.

Nota:

  • Feumaidh tagraichean soirbheachail a bhith deònach a dhol tro phròiseas PVG Disclosure agus a bhith nam ball de Sgeama PVG airson an cùrsa seo a dhèanamh
  • Chan eil a chùrsa seo a gabhail ri tagraichean airson an ath bhliadhna; mar nach eil thu airson gabhail ris a chùrsa am bliadhna, bithidh agad ri ath-thagradh an ath bhliadhna. Brùthaibh air a cheangail airson fiosrachadh eile mu dàil-inntrigidh

Feumaidh tagraidhean airson PGDE ann an Teagasg Bun-sgoile a dhol a-steach tro UCAS san aon dòigh ri prògraman fo-cheuma. Cha bu chòir dhaibh a bhith air an dèanamh tro Trèanadh Luchd-teagaisg UCAS. Tha seo fìor do gach oilthigh/colaiste ann an Alba a tha a’ tabhann PGDE. Feumaidh sibh fiosrachadh a thoirt seachad mun cheum agus mu theisteanasan ann am Beurla agus Matamataig an cois an tagraidh. Mura dèan sibh seo, cha tèid againn air sùil a thoirt air an tagradh. Feumaidh teisteanasan a bhith a-staigh ro cheann-latha thagraidhean. Tha e mar dhleastanas aig an tagraiche a bhith cinnteach gu bheil luchd-teisteanais mothachail air a’ cheann-latha seo agus gu bheil an tagradh agus an teisteanas againn ron cheann-latha a chaidh a chur romhaibh.

Months of entry

August

Course content

Bidh an cùrsa seo gur deasachadh airson dreuchd mar neach-teagaisg bun-sgoile le sgilean agus eòlas a bheir buaidh air beatha dhaoine òga a bhios sibh a’ teagasg.

Air cùrsa PGDE (bun-sgoile), cuiridh oileanaich seachad 18 seachdainean san oilthigh agus 19 seachdainean ann an suidheachadh proifeasanta ann an sgoiltean. Tha na greisean-sgoile ann an sgoiltean air an rèiteach gu nàiseanta agus thèid ur cur gu sgoiltean a tha reusanta faisg air ur seòladh dachaigh no ur seòladh teirm.

Feumaidh sibh a bhith fileanta ann an Gàidhlig mus tòisich sibh air a’ phrògram agus thèid na sgilean cànain agaibh a mheasadh aig agallamh. Bidh eileamaidean den chùrsa air an lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig agus cuiridh sibh seachad a’ chuid as motha de na greisean-sgoile agaibh ann an sgoiltean a tha a’ tabhann Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FTMG).

Tha PGDE (Bun-sgoile - Slighe Ghàidhlig) air a tabhann ann an co-bhonn ri Comhairle Earra-ghàidheil is Bhòid, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Pheairt agus Chinn Rois, a tha ag obair ann an co-bhonn ris an oilthigh tro na colaistean ionadail a leanas:

  • A Tuath, An Iar is Innse Gall OGE
  • Earra-ghàidheil OGE
  • Inbhir Nis OGE
  • Pheairt OGE

Feumaidh seòladh dachaigh no seòladh teirm a bhith agaibh ann an sgìre an Ùghdarrais a thaghas sibh mar làrach. Gheibh ceumnaichean a’ chùrsa clàradh inntrigidh mar neach-teagaisg bun-sgoile le Comhairle Choitcheann Luchd-teagaisg na h-Alba (GTCS).

Bidh sibh ag obair ann am buidhnean beaga ionadail fhad ’s a tha sibh ag obair ann an co-bhonn ri oileanaich teagaisg agus luchd-oideachaidh air feadh lìonra cholaistean an oilthigh. Tha am prògram air a lìbhrigeadh ann an co-bhonn ri PGDE Bun-sgoile (tro mheadhan na Beurla) agus ri PGDE (àrd-sgoile) airson sealladh nas fharsainge de theagasg a thoirt dhuibh.

Tha cùrsa còmhnaidh inntrigidh air a chumail aig fìor thoiseach a’ chùrsa le fear eile sa Mhàrt a bhios ag amas gu h-àraid air ionnsachadh a-muigh. Bidh gach buidheann ionadail cuideachd a’ cur air dòigh taisbeanadh sònraichte aig deireadh a’ chùrsa mar phàirt de leasachaidhean ceannais.

Feartan sònraichte

  • Cothrom a bhith a’ leantainn prògram foghlam bun-sgoile do thidsearan air feadh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean
  • Bheir an cùrsa cothrom dhuibh a bhith nur proifeasantach breithneachail a bhios a’ toirt taic do dh’ionnsachadh aig an ìre a b’ àirde don chloinn a bhios sibh a’ teagasg
  • Bheir an cùrsa cothrom dhuibh suas ri 40 creideas fhaighinn aig ìre mhaighstireachd tro ghnìomhan/rannsachadh aig SCQF ìre 11

Fees and funding

UK students
£9,250
International students
£14,988

For information, please view our Fees/Funding tab: PGDE Bun-sgoil (tro mheadhan na Gàidhlig) (uhi.ac.uk)

Qualification, course duration and attendance options

  • PGDE
    full time
    12 months
    • Distance learningis available for this qualification

Course contact details

Name
Enquiries
Email
courses@uhi.ac.uk
Phone
01463 279190